GF075i06 E A NIGHEAN, O A NIGHEAN Beulaiche: Danaidh Ceit Sara | Dan K. MacLeod Bàrd: Murchadh Choinnich Bhàin Iain 'ic Fhionnlaigh (Moireasdan) á Loch Fhearghais Tar-sgrìobhadh le: Froilig Tar-sgrìobhaidh (an Giblean 29, 2024) | Transcription Frolic (April 29, 2024) [Séist:] E ho nighean, e ho nighean, E ho nighean, caoidh mar tha mi, Mis' is cailin donn na buaileadh, Gun tug mi mo luaidh 's a dh'fhàg mi. Gur b' e nighean Aonghais Chaluim, Air a mealladh a's an àite, A h-uile fear is coilear geal air, Gur e Calum cus is fheàrr leath'. 'S Dòmhnall Pàdraig anns a' chorner, E 'na dheònach rud a nàire dha, Gun a' company aig Anna, Gun fhios cuine a nì i fhàgail. 'S Niall Choinnich 's e cho beulach, Làn de sgeulachdan on àite, Cuiridh e dùirn air na dàin, Gur e Calum cus a's fheàrr leath'. 'S Gum bheil Seonaidh Beag an fhìdhleir, 'S e cho dìcheallach mar b' abhaist, A' cur snare-achan mun drochaid, Feuch an téid a cas a' sàs ann. [Bean/B'e?] na h-Aibhne, cha robh diùir dhiot, Bha 'ad diombach dhith a's gach àite, Nuair a dh'éireadh Calum Fhionnlaidh, Bhiodh an dìoladh anns a' ghàrradh. Nuair a ruigeadh e an taigh-sgoileadh, Thigeadh lasair ás a shùilean, Stiùireadh e sìos gu Calum Fhionnlaidh, Dh'iarr e sùird airson a sracadh.