Back to recordings

Am Bocsa Déighe

0:00
0:00 Download MP3

Tar-sgriobhadh | Transcription

Download transcription

GF075i05 AM BOCSA DEIGHE


Beulaiche: Danaidh Ceit Sara | Dan K. MacLeod
Tar-Sgrìobhadh: Làrach-lìn "An Drochaid Eadarainn" (Baile nan Gaidheal) | "An Drochaid Eadarainn" Website (Highland Village Museum)


Bha na seann fheadhainn a bha seo, bha 'ad a' fuireach cuideachd. Agus, bha poidhle crodh aca 's caoraich 's bainne gu leòr 's bha iad a' call a h-uile sian riamh a's an teas. Bha an t-uachdar 's am bainne a' dol a dholaidh. Ach, thàinig am bràthair dhachaigh cuideachd. Fhuair e fridge dhaibh. Nuair a chuala na nàbain gun d' fhuair iad fridge, thàinig iad a choimhead orra. "O uill," ars' tè dha na nàbain, "Tha sibhse spry. Fhuair sibh fridge."
"O fhuair," ars' i fhéin.
"O uill," ars' esan, "ro 'n a' seo," ars' esan, "bha sinn a' call," ars' esan, "a h-uile sian riamh."
"An t-uachdar," ars' ise, "'s an t-ìm," ars' ise, "a h-uile sian riamh."
"Ach, cha dhèanadh siod diofar mór an dràsta," ars' i fhéin.
"Tha a h-uile sian a-staigh a' siod," ars' i fhéin, "cho cruaidh ri bod!"


Dan K. MacLeod
An Abhainn Mhór | Grand River 10 recordings Faic pròifil | view profile