GF075i05 AM BOCSA DEIGHE Beulaiche: Danaidh Ceit Sara | Dan K. MacLeod Tar-Sgrìobhadh: Làrach-lìn "An Drochaid Eadarainn" (Baile nan Gaidheal) | "An Drochaid Eadarainn" Website (Highland Village Museum) Bha na seann fheadhainn a bha seo, bha 'ad a' fuireach cuideachd. Agus, bha poidhle crodh aca 's caoraich 's bainne gu leòr 's bha iad a' call a h-uile sian riamh a's an teas. Bha an t-uachdar 's am bainne a' dol a dholaidh. Ach, thàinig am bràthair dhachaigh cuideachd. Fhuair e fridge dhaibh. Nuair a chuala na nàbain gun d' fhuair iad fridge, thàinig iad a choimhead orra. "O uill," ars' tè dha na nàbain, "Tha sibhse spry. Fhuair sibh fridge." "O fhuair," ars' i fhéin. "O uill," ars' esan, "ro 'n a' seo," ars' esan, "bha sinn a' call," ars' esan, "a h-uile sian riamh." "An t-uachdar," ars' ise, "'s an t-ìm," ars' ise, "a h-uile sian riamh." "Ach, cha dhèanadh siod diofar mór an dràsta," ars' i fhéin. "Tha a h-uile sian a-staigh a' siod," ars' i fhéin, "cho cruaidh ri bod!"