Back to recordings

Òran do Uilleam 's Seòras MacAoidh

0:00
0:00 Download MP3

A’ chiad sreath | First Line

Tar-sgriobhadh | Transcription

Download transcription

GF075i02E ÒRAN DO UILLEAM 'S SEÒRAS MACAOIDH


Beulaiche: Donnchadh Alasdair Dhonnchaidh Alasdair | Duncan MacKay
Bàrd: Murchadh Choinnich Bhàin | Murdoch Morrison


[Séisd]: Ged tha mi gun chrodh, gun aighean,
Gun chrodh laoigh, gun chaoraich agam;
Ged tha mi gun chrodh, gun aighean,
Gheibh mi fhathast òig-fhear grinn.


Fhuair mi 'n t-òrdan anns a' mhadainn,
"Dèan an fheansa seo gu snasail,
Aig a' chorner nì thu stad dhi,
'S bi siud pailteas dha na laoigh."


O gur e buidhe do Chalum,
A bhith 'g iasgach aig a' chladach,
Cha chluinn e bossing na caillich,
Anns a' mhadainn air gach nì.


Mar a' bi siud gu math dhòmhsa,
Chan fhuirich mise fada chòmhl' ribh,
'S ann a bheir mi orm mo theaghlach,
Chross mi 'm pòn 's mi air a' [chìs?].


Ach ma dh'fhàs mi air acras,
Barail rium gun ghabh mi 'n fhearg ribh,
Thig mi 'mach gu àite Thormoid,
Bi mi earbsach ás an tì.


Gur a mise tha gu cianail,
Ag obair am measg nam biastan,
Gu bheil Willie àrd cho fiadhaich,
Chan fhan e ri bhiadh le sìth.


Ach nam bithinn-sa 'nam ònrachd,
Gun aon bhoss orm ach Seòras,
Dhèanainn obair mhath gu leòir ann,
Stòiridh nuair a bhith sinn sgìth.


Ach 's fheudar dhomh sguir dha m' bhàrdachd,
Mu 'n gabh mo bhràthair tàmailt,
Cha toir e dhomh a' bhlàthach,
A bh' aca là 'sa chrannachan.




Duncan MacKay
An Abhainn Mhór | Grand River 2 recordings Faic pròifil | view profile