GF075i02E ÒRAN DO UILLEAM 'S SEÒRAS MACAOIDH Beulaiche: Donnchadh Alasdair Dhonnchaidh Alasdair | Duncan MacKay Bàrd: Murchadh Choinnich Bhàin | Murdoch Morrison [Séisd]: Ged tha mi gun chrodh, gun aighean, Gun chrodh laoigh, gun chaoraich agam; Ged tha mi gun chrodh, gun aighean, Gheibh mi fhathast òig-fhear grinn. Fhuair mi 'n t-òrdan anns a' mhadainn, "Dèan an fheansa seo gu snasail, Aig a' chorner nì thu stad dhi, 'S bi siud pailteas dha na laoigh." O gur e buidhe do Chalum, A bhith 'g iasgach aig a' chladach, Cha chluinn e bossing na caillich, Anns a' mhadainn air gach nì. Mar a' bi siud gu math dhòmhsa, Chan fhuirich mise fada chòmhl' ribh, 'S ann a bheir mi orm mo theaghlach, Chross mi 'm pòn 's mi air a' [chìs?]. Ach ma dh'fhàs mi air acras, Barail rium gun ghabh mi 'n fhearg ribh, Thig mi 'mach gu àite Thormoid, Bi mi earbsach ás an tì. Gur a mise tha gu cianail, Ag obair am measg nam biastan, Gu bheil Willie àrd cho fiadhaich, Chan fhan e ri bhiadh le sìth. Ach nam bithinn-sa 'nam ònrachd, Gun aon bhoss orm ach Seòras, Dhèanainn obair mhath gu leòir ann, Stòiridh nuair a bhith sinn sgìth. Ach 's fheudar dhomh sguir dha m' bhàrdachd, Mu 'n gabh mo bhràthair tàmailt, Cha toir e dhomh a' bhlàthach, A bh' aca là 'sa chrannachan.