Back to recordings

Òran a' Bhotail

0:00
0:00 Download MP3

A’ chiad sreath | First Line

Tar-sgriobhadh | Transcription

Download transcription

GF067i08 ÒRAN A' BHOTAIL


Beulaiche: Calum Eòghainn 'ic Eòghainn Òig 'ic Eòghainn Bàn | Malcolm MacLean
Bàrd: Donnchadh Bàn, Donnchadh Mac an t-Saoir | Duncan MacIntyre


Nuair a shuidheas sinn socair is nuair a dh'òlas sinn botal
Chan aithnich ar stoc uainn na chuireas sinn ann
Thig onair is fortan le sonas a' chopain
Carson nach bi deoch oirnn mun tog sinn ar ceann?


Bheir a' stuth binn oirnn seinn gu fileanta
Cuir air toil-inntinn 's binneas 'nar cainnt
Chaisg i ar n-ìota 'n fhir dheoch mhilis
Bu mhuladach sinne nam biodh e air chall.


'S ro-rìoghail na h-obair sruth brìoghar na togalach
Ìocshlaint a bhogaicheas cridh' a tha gann
Cuiridh e sodan air fear a bhios togarrach
'S cuiridh e am bodach á fear a bhios teann.


'S on shuidh sinn cho fada 's gun dh'òl sinn na bh' againn
Gum bu chòir dhol a chadal on thàinig an t-àm
Chan fhóghnadh ach pailteas thoirt sòlas dhan aigne
'S deoch mhór anns a' mhadainn gu leigheas nan ceann.


That's it.

Reference sources:
Orain ghaidhealach: Le Donnchadh Macantsaoir (1790), p. 171

Malcolm MacLean
An t-Allt Mór | Big Brook 2 recordings Faic pròifil | view profile