GF067i08 ÒRAN A' BHOTAIL Beulaiche: Calum Eòghainn 'ic Eòghainn Òig 'ic Eòghainn Bàn | Malcolm MacLean Bàrd: Donnchadh Bàn, Donnchadh Mac an t-Saoir | Duncan MacIntyre Nuair a shuidheas sinn socair is nuair a dh'òlas sinn botal Chan aithnich ar stoc uainn na chuireas sinn ann Thig onair is fortan le sonas a' chopain Carson nach bi deoch oirnn mun tog sinn ar ceann? Bheir a' stuth binn oirnn seinn gu fileanta Cuir air toil-inntinn 's binneas 'nar cainnt Chaisg i ar n-ìota 'n fhir dheoch mhilis Bu mhuladach sinne nam biodh e air chall. 'S ro-rìoghail na h-obair sruth brìoghar na togalach Ìocshlaint a bhogaicheas cridh' a tha gann Cuiridh e sodan air fear a bhios togarrach 'S cuiridh e am bodach á fear a bhios teann. 'S on shuidh sinn cho fada 's gun dh'òl sinn na bh' againn Gum bu chòir dhol a chadal on thàinig an t-àm Chan fhóghnadh ach pailteas thoirt sòlas dhan aigne 'S deoch mhór anns a' mhadainn gu leigheas nan ceann. That's it.