Back to recordings
Ho Ro Tha Mo Rùn Ort
A’ chiad sreath | First Line
Tar-sgriobhadh | Transcription
GF067i07 HO RO THA MO RÙN ORT
Beulaiche: Calum Eòghainn ‘ic Eòghainn Òig ‘ic Eòghainn Bàn | Malcolm MacLean
[Séist:] Ho ro tha mo rùn ort
Ged a chuir thu cùl rium
'S ann a tha mo rùn
Air a' chaileig dhuibh nach d' thréig mi.
'S deagh bhean bhith tusa
Deòir ri mo shùilean
A-chaoidh a chur mi cùl riut
Mo rùin-sa, cha thréig mi.
Beul as binne mànran
Cainn as binne cànan
Bruidhinn mi air càch thu
Gur tràth a thug mi spéis dhut.
'S bu gann a bhiodh ar stòras
B' ùr a bhiodh ar sòlas
Gach latha mar bu chòir dhuinn
An còmhradh a chéile.