Beannachd Leibh, a Chàirdean
A’ chiad sreath | First Line
Tar-sgriobhadh | Transcription
GF059I04N BEANNACHD LEIBH, A CHÀIRDEAN
Beulaiche: Seonaidh Aonghuis Bhig | Johnny Williams
Bàrd: Murdoch MacLellan
Beannachd leibh, a chàirdean
'San àite gu léir
Tha mi nisd 'gur fàgail
'S cha dèan fuireach feum
Chan eil caileag làmh rium
A bheir dhomhsa spéis
Bho nach eil mi 'm feast'
Air fearann 's air spréidh.
Gur mise tha gu brònach
'Dol air bòrd a' bhàt'
Fàgail mo luchd-eòlais
Far a bha chòir dhomh tàmh
Gur h-ann a sheinn i oirnn
Chuirinn ceòl an àrd
Leig mo shùilean deòir
Is cha bu neònach ann.
'S ged nach dèan mi àite
Treabhadh, cur na buain
Na fuireach ri m' phàrantan
'San obair chruaidh
Chan fhuirich mi 'n-dràsd
Air a' sgàth 's an fhuachd
Crann air a' faigh mi sràid
A-mach air bhàrr a' chuain.
Tha [gu marsan?] a' màireach
Seòladh ro'n a' caol
[Toil-inntinn/ship?] harbour
Uaireigin ro naoidh
'S thuirt e gu robh i charge-adh
Air a' phassage saor
'S mór gum b' fheàrr leam pàigheadh
Na bhith [ràs?] a' chaoil.
Halifax as deòigh sinn
Air a' chùrs an iar
Nuair thog sinn 'na siùil i
Chluinneadh sibh i snìomh
Dà uair dheug a dh'ùine
Bha i ri dà cheud
Gus a' robh i move-adh
'S an ath-taobh a' [fior?].
'S nuair ràinig sinn na h-Innsean
Bha tìmeanan blàth
Tha fhios aig an fhiogair
Ann an teas a' latha
Bidh sinne 'nar sìneadh
Cur ar cinn fo sgàth
Fhuair sinn móran mì-mhodh
'Dol air tìr 's a-mhàin.
Saoilidh fear aig bhaile
Gur e obair chruaidh
Éirigh anns a' mhadainn
'S an teine chur suas
Suidhidh 'ad mun t-sradaig
Cas mu sheach 's a' luaith
'S cha téid ann a' [chùrsa/chasaid?]
Taobh a' staigh do dh'uair.
[Séist:] Hi horò mo bhàta,
'S tu mo bhàta grinn;
Hi horò mo bhàta,
'S tu mo bhàta grinn;
Hi horò mo bhàta,
'S tu mo bhàta grinn;
Bàta bòidheach lurach,
Nach cuir mór air sgìth?
Thuirt e gu robh e deònach
Gun an córr ag ràdhainn
Tiugainn thusa còmhl' rinn
Falbhaidh sinn gun dàil
Tha i air a' lodadh
'S a' cur siùil an àrd
'S tha mi 'dol air còmhl' riut
Ann a bheil an càch.
Team notes:
The placenames Halifax and the East Indies are mentioned in this track.