GF059I04N BEANNACHD LEIBH, A CHÀIRDEAN Beulaiche: Seonaidh Aonghuis Bhig | Johnny Williams Bàrd: Murdoch MacLellan Beannachd leibh, a chàirdean 'San àite gu léir Tha mi nisd 'gur fàgail 'S cha dèan fuireach feum Chan eil caileag làmh rium A bheir dhomhsa spéis Bho nach eil mi 'm feast' Air fearann 's air spréidh. Gur mise tha gu brònach 'Dol air bòrd a' bhàt' Fàgail mo luchd-eòlais Far a bha chòir dhomh tàmh Gur h-ann a sheinn i oirnn Chuirinn ceòl an àrd Leig mo shùilean deòir Is cha bu neònach ann. 'S ged nach dèan mi àite Treabhadh, cur na buain Na fuireach ri m' phàrantan 'San obair chruaidh Chan fhuirich mi 'n-dràsd Air a' sgàth 's an fhuachd Crann air a' faigh mi sràid A-mach air bhàrr a' chuain. Tha [gu marsan?] a' màireach Seòladh ro'n a' caol [Toil-inntinn/ship?] harbour Uaireigin ro naoidh 'S thuirt e gu robh i charge-adh Air a' phassage saor 'S mór gum b' fheàrr leam pàigheadh Na bhith [ràs?] a' chaoil. Halifax as deòigh sinn Air a' chùrs an iar Nuair thog sinn 'na siùil i Chluinneadh sibh i snìomh Dà uair dheug a dh'ùine Bha i ri dà cheud Gus a' robh i move-adh 'S an ath-taobh a' [fior?]. 'S nuair ràinig sinn na h-Innsean Bha tìmeanan blàth Tha fhios aig an fhiogair Ann an teas a' latha Bidh sinne 'nar sìneadh Cur ar cinn fo sgàth Fhuair sinn móran mì-mhodh 'Dol air tìr 's a-mhàin. Saoilidh fear aig bhaile Gur e obair chruaidh Éirigh anns a' mhadainn 'S an teine chur suas Suidhidh 'ad mun t-sradaig Cas mu sheach 's a' luaith 'S cha téid ann a' [chùrsa/chasaid?] Taobh a' staigh do dh'uair. [Séist:] Hi horò mo bhàta, 'S tu mo bhàta grinn; Hi horò mo bhàta, 'S tu mo bhàta grinn; Hi horò mo bhàta, 'S tu mo bhàta grinn; Bàta bòidheach lurach, Nach cuir mór air sgìth? Thuirt e gu robh e deònach Gun an córr ag ràdhainn Tiugainn thusa còmhl' rinn Falbhaidh sinn gun dàil Tha i air a' lodadh 'S a' cur siùil an àrd 'S tha mi 'dol air còmhl' riut Ann a bheil an càch.