Back to recordings
Bheir dhomh do làmh a Ghàidheil ghasda
A’ chiad sreath | First Line
Tar-sgriobhadh | Transcription
GF007i04 BHEIR DHOMH DO LÀMH A GHÀIDHEIL GHASDA
Beulaiche: Collie Angain Dhòmhnaill a' Chùbair | Collie MacIntosh
[Séist:] Bheir dhomh do làmh a Ghàidheil ghasda
Ghabh an t-aiseag nall far chuain
'S tu mo dhùrachd gu thighinn dhachaidh
Air a' phassage moch DiLuain
Fear a thàinig oirnn an tùs
Thoirt cliù air an dùthaich thall
A thoirt naidheachd air ar càirdean
Anns [g]ach àit' a bheil 'ad ann
'S tha ri fhaighinn deoch à fiodhan
Bainne is mil air bhàrr nan tonn
Craobh nam [beithe?] is nan ubhlan
'S am bàrr a' lùbadh gu 'm bonn