Back to recordings

Hù ò ra hù ò

0:00
0:00 Download MP3

A’ chiad sreath | First Line

Tar-sgriobhadh | Transcription

Download transcription

GF051i02 HÙ Ò RA HÙ Ò


Beulaiche: Mairead bean Ruairidh Iagain Ruairidh | Margaret MacLean
Tar-Sgrìobhadh: Seumas mac Sheumais | Jim Watson


[Séist:] Hù ò ra hù ò
O hì o hì ò
Hù ò ra hù ò


Gur e mis' tha fo mhulad
Air an tulaich luim fhuar.


Cha dìrich mi 'm bruach
Cha siubhail mi bhuam.


'S cha dèan mi ceum còmhnard
A Dhòmhnach na Luain.


Tric mo shùil air a' ruadha [rubha]
Far a' bhruaich ud shuas.


Chan eil bàt' a thig o'n ruadha
Nach dubhaich ri 'm ghruaidh.


Na bàrc thig on chaolas
Nach chaochail mi snuadh.


Chan eil cùmha mo leannain
Air maraiche stuadh.


Ach cùmha nam bràithrean
Cùm fainneach nan dual


Chaidh thu, Dòmhnall is Ailein
Chuir an tainead mu'm ghruaidh.


Agus frasan 'gam chistidh
Rìgh bu mhisde mi bhuam


'S tha do ribeanan sgàrlaid
A' cuir deàrrsaidh 'nam ghruaidh.


'S tha dha'd neapraige rìomhach
Dha'n sìoda chaol bhuan.


'S tha dha'd bhrògan mu'm chasan
Nì nach laighe ri 'm fuachd.


Bheir an dìol do chuim rìomhaich
A bhitheas am mìnead nan stuadh.


Agus dìol do chuim chlannaich
Bhitheas 'san fheamainn 'ga luadh.








Margaret MacLean
Baghasdal | Boisdale 50 recordings Faic pròifil | view profile