Dh'Fhalbh Mo Rùn 'S dh'Fhàg E 'n Cala
A’ chiad sreath | First Line
Tar-sgriobhadh | Transcription
GF051i04 DH’FHALBH MO RÙN ‘S DH’FHÀG E ‘N CALA
Beulaiche: Mairead bean Ruairidh Iagain Ruairidh | Margaret MacLean
Tar-Sgrìobhadh: Iain Seathach | John Shaw
Dh’fhalbh mo rùn ‘s dh’fhàg e ‘n cala
Dh’fhalbh mo rùn o hi iù
Thog e shiùil ris na crannaibh
Dh’fhalbh mo rùn ‘s dh’fhàg e ‘n cala
1. Dh’fhalbh mo leannan bhuam am bliadhna
‘S e ‘ga riasladh aig na Gallaibh
2. Dh’fhalbh mo leannan bhuam a dh’Éirinn
‘S as a dhéidh cha bhi mi fallain
3. Dh’fhalbh mo leannan bhuam a dh’Ìle
Air long rìomhach nan trì chrannaibh
4. Ach ma dh’fhalbh thu air a’bhàta
Dia ‘gad shàbhaladh gu cala
5. ‘S thig a’bhonaid ghorm ri fàbhar
Ait fear àrd nan sùilean meala
6. ‘S chan eil taobh dha’n toir a’ghaoth e
Ma dh’fhaodas e gheobh e leannan
7. Dh’fhalbh mi ‘na mo nidheanag ghòraich
‘S ghabh mi seòladair mar leannan
8. ‘S a mhnathan na tugaibh beum dhomh
Ged a thug mi spéis dha’n mharaich’
9. ‘S gìomanach a’ghunna bhòidhich
Leagadh tu na h-eòin ‘s air mheangan
10. Gìomanach a’ghunna chaoil thu
Nuair chaogadh tu an t-sùil ‘s a’mhala
11. Chuala mi gun d’rinn thu réiteach
Mur e ‘bhreug a rinn iad aithris
12. Chuala mi gun d’rinn thu pòsadh
‘S cha d’ dheònaich thi mi gu d’ bhainis