GF051i02 HÙ Ò RA HÙ Ò Beulaiche: Mairead bean Ruairidh Iagain Ruairidh | Margaret MacLean Tar-Sgrìobhadh: Seumas mac Sheumais | Jim Watson [Séist:] Hù ò ra hù ò O hì o hì ò Hù ò ra hù ò Gur e mis' tha fo mhulad Air an tulaich luim fhuar. Cha dìrich mi 'm bruach Cha siubhail mi bhuam. 'S cha dèan mi ceum còmhnard A Dhòmhnach na Luain. Tric mo shùil air a' ruadha [rubha] Far a' bhruaich ud shuas. Chan eil bàt' a thig o'n ruadha Nach dubhaich ri 'm ghruaidh. Na bàrc thig on chaolas Nach chaochail mi snuadh. Chan eil cùmha mo leannain Air maraiche stuadh. Ach cùmha nam bràithrean Cùm fainneach nan dual Chaidh thu, Dòmhnall is Ailein Chuir an tainead mu'm ghruaidh. Agus frasan 'gam chistidh Rìgh bu mhisde mi bhuam 'S tha do ribeanan sgàrlaid A' cuir deàrrsaidh 'nam ghruaidh. 'S tha dha'd neapraige rìomhach Dha'n sìoda chaol bhuan. 'S tha dha'd bhrògan mu'm chasan Nì nach laighe ri 'm fuachd. Bheir an dìol do chuim rìomhaich A bhitheas am mìnead nan stuadh. Agus dìol do chuim chlannaich Bhitheas 'san fheamainn 'ga luadh.