Nighean Donn a' Bhreacain Uaine
A’ chiad sreath | First Line
Tar-sgriobhadh | Transcription
GF048i22 NIGHEAN DONN A' BHREACAIN UAINE
Beulaiche: Lachlann Dhòmhnaill Nìll | Lauchie MacLellan
[Séist:] Ò ho leibh o é hò
Gura h-iad mo rùn na gillean
[Séist:] Ò ho leibh o, hì ho ro ho
Ò ho leibh o é hò
Fear a' tulgan anns a' linne,
Ged a bhristeadh ràmh cha tilleadh,
Chuireadh iad fear ùr 'na ionad,
Gura h-iad mo rùn na seòid,
Bha againn a-raoir aig a' bhòrd,
Bha MacCoinnich ann 's MacLeòid,
Ge b' e [mhaoth/bhaoth?] a ghnìomh an dòrn,
'S MacFhionghain bho Shrath nam Bò,
Cha b' e 'n iomairt i gun treòir.
Reference sources:
Òrain Luaidh Màiri Nighean Alasdair, ed. K. C. Craig (1949), p. 82; Hebridean Folksongs vol. 1, eds. Donald MacCormick, John Lorne Campbell, Francis M. Collinson and Allan MacDonald (2018), p. 112
Team notes:
Different air to "'S Muladach Mi 's Mi air M' Aineoil."