GF048i22 NIGHEAN DONN A' BHREACAIN UAINE Beulaiche: Lachlann Dhòmhnaill Nìll | Lauchie MacLellan [Séist:] Ò ho leibh o é hò Gura h-iad mo rùn na gillean [Séist:] Ò ho leibh o, hì ho ro ho Ò ho leibh o é hò Fear a' tulgan anns a' linne, Ged a bhristeadh ràmh cha tilleadh, Chuireadh iad fear ùr 'na ionad, Gura h-iad mo rùn na seòid, Bha againn a-raoir aig a' bhòrd, Bha MacCoinnich ann 's MacLeòid, Ge b' e [mhaoth/bhaoth?] a ghnìomh an dòrn, 'S MacFhionghain bho Shrath nam Bò, Cha b' e 'n iomairt i gun treòir.