Iain Crotach agus an Làir
A’ chiad sreath | First Line
Tar-sgriobhadh | Transcription
GF046i03E IAIN CROTACH AGUS AN LÀIR (CUINGICHTE)
Beulaiche: Lachlann Dhòmhnaill Nìll | Lachlann MacLellan
[Lachlann MacLellan:] Thuit a-mach gu robh a' muileann-bualaidh 'g obair ann a' sabhal do Chloinn Phàrlain am Bràigh na h-Aibhne. Agus có thàinig a-staigh ach Johnny Crom agus bha seann làir aige agus an [deagh dha a feitheadh?].
[John Shaw:] Hm-hmm.
[LML:] Agus seo mar a tha an t-òran air a dhèanadh:
'S gur math mar tha ged tha i fliuch,
Gur bochd a' sgeul a th' ann an-diugh,
Gu bheil Iain Crotach fo lionn dubh,
Bhon chaill e làir ghrànnda.
'S ann a ghabh sinn móran iongnadh
Johnny labhairt le guth ìseal
Cuiribh stad 's a' [ghasoline?]
Is Quincey gu bhith bàite.
Nuair chaidh an naidheachd chur mu 'n cuairt
Gun 's—
Nuair chaidh stad 'sa mhuileann-bhualaidh
Chaidh an naidheachd chur mu 'n cuairt dhuinn
Sléigh mhór a chur air luathas
Is sluagh oirre bha gàbhaidh.
Nuair a ràinig sinn an [eitheach?]
'S a thug sinn ás a' làir [héabhaidh?]
Cha robh leth do choltas creutair
Riamh air bòrd mu [phairce?].
Comhairl' bheirinn ort, Iain Chrotaich
Gu bràth chaoidh cha chùmainn trot air
Cuir a Mhàbu i gu dotair
'S dlùth i air na clàrain.
Notes (fieldnotes):
"RESTRICTED"