GF046i03E IAIN CROTACH AGUS AN LÀIR (CUINGICHTE) Beulaiche: Lachlann Dhòmhnaill Nìll | Lachlann MacLellan [Lachlann MacLellan:] Thuit a-mach gu robh a' muileann-bualaidh 'g obair ann a' sabhal do Chloinn Phàrlain am Bràigh na h-Aibhne. Agus có thàinig a-staigh ach Johnny Crom agus bha seann làir aige agus an [deagh dha a feitheadh?]. [John Shaw:] Hm-hmm. [LML:] Agus seo mar a tha an t-òran air a dhèanadh: 'S gur math mar tha ged tha i fliuch, Gur bochd a' sgeul a th' ann an-diugh, Gu bheil Iain Crotach fo lionn dubh, Bhon chaill e làir ghrànnda. 'S ann a ghabh sinn móran iongnadh Johnny labhairt le guth ìseal Cuiribh stad 's a' [ghasoline?] Is Quincey gu bhith bàite. Nuair chaidh an naidheachd chur mu 'n cuairt Gun 's— Nuair chaidh stad 'sa mhuileann-bhualaidh Chaidh an naidheachd chur mu 'n cuairt dhuinn Sléigh mhór a chur air luathas Is sluagh oirre bha gàbhaidh. Nuair a ràinig sinn an [eitheach?] 'S a thug sinn ás a' làir [héabhaidh?] Cha robh leth do choltas creutair Riamh air bòrd mu [phairce?]. Comhairl' bheirinn ort, Iain Chrotaich Gu bràth chaoidh cha chùmainn trot air Cuir a Mhàbu i gu dotair 'S dlùth i air na clàrain.