'S e Ceap Breatainn an dùthaich as fhèarr leam fo'n ghréin
A’ chiad sreath | First Line
Tar-sgriobhadh | Transcription
GF037i07 'S E CEAP BREATAINN AN DÙTHAICH AS FHEÀRR LEAM FON GHRÉIN
Beulaiche: Niall Alaidh Alasdair | Neil Allan MacLean
Tar-Sgrìobhadh: Seòige NicDhòmhnaill | Joyce MacDonald Làrach-lìn "An Drochaid Eadarainn" (Baile nan Gaidheal) | "An Drochaid Eadarainn" Website (Highland Village Museum)
[Séist:] Air fàilirinn, illirinn uillirinn ó,
Air fàilirinn, illirinn uillirinn ó,
Air fàilirinn, illirinn uillirinn ó,
Ceap Breatainn an dùthaich as fheàrr leam fo 'n ghréin.
'S i dùthaich mo rùin-sa, bha Gàidheil innt' riamh,
'S iad clann nam fear fearail, 's iad clann nam fear fial;
Tha iad dìleas mar charaid, tha iad snasail nan gnìomh,
'S iad nach tilleadh ron nàmhaid an cogadh bh' ann riamh.
'S a Ghàidheil mo dhùthcha, bithibh dìleas d' ur cainnt,
'S i a bh' aca 's a' gàrradh, 's i an aon chainnt a bh' ann;
Fhuair i cliù agus ònair, 's a sgrìobhadh le peann,
Mun deachaidh Greugais na Laideann na cainnt eil' a th' ann.
'S an àm éirigh na gréineadh bidh smeòrach air geug,
Le ceilearadh bòidheach mar fidheall nan teud;
Bidh a' chuthag a' spìdeil le òrain dhi fhéin,
Chuireadh cabhag air bodach ag iarraidh na spréidh.
Nuair a théid a' ghrian sìos anns an iar,
Bidh driùchd air an talamh bheir fàs air an fheur;
Bidh àille na maradh tighinn a-nall air a' chuan,
Bheireadh slàinte do m' cholann gach latha 's a' bhliadhn'.
Air feasgar an t-samhraidh 's air làithichean ciùin,
Chì sibh maighdeannan bòidheach le bó nan glinn;
An gruaidh mar na ròsan 's am pearsa cho grinn,
'S ann a fhuair iad an àrach an Ceap Breatainn a' ghlinn'.
Bi mi nisd a' co-dhùnadh le beannachdan bhuam,
Gu pàipear mo chridh', Post-Record nam buadh;
Nuair a thig e air thuras le Ghàidhlig mo ghaoil,
Gun d'thog e mo chridhe 's cha ghabh e toirt bhuam.