GF037i07 'S E CEAP BREATAINN AN DÙTHAICH AS FHEÀRR LEAM FON GHRÉIN Beulaiche: Niall Alaidh Alasdair | Neil Allan MacLean Tar-Sgrìobhadh: Seòige NicDhòmhnaill | Joyce MacDonald Làrach-lìn "An Drochaid Eadarainn" (Baile nan Gaidheal) | "An Drochaid Eadarainn" Website (Highland Village Museum) [Séist:] Air fàilirinn, illirinn uillirinn ó, Air fàilirinn, illirinn uillirinn ó, Air fàilirinn, illirinn uillirinn ó, Ceap Breatainn an dùthaich as fheàrr leam fo 'n ghréin. 'S i dùthaich mo rùin-sa, bha Gàidheil innt' riamh, 'S iad clann nam fear fearail, 's iad clann nam fear fial; Tha iad dìleas mar charaid, tha iad snasail nan gnìomh, 'S iad nach tilleadh ron nàmhaid an cogadh bh' ann riamh. 'S a Ghàidheil mo dhùthcha, bithibh dìleas d' ur cainnt, 'S i a bh' aca 's a' gàrradh, 's i an aon chainnt a bh' ann; Fhuair i cliù agus ònair, 's a sgrìobhadh le peann, Mun deachaidh Greugais na Laideann na cainnt eil' a th' ann. 'S an àm éirigh na gréineadh bidh smeòrach air geug, Le ceilearadh bòidheach mar fidheall nan teud; Bidh a' chuthag a' spìdeil le òrain dhi fhéin, Chuireadh cabhag air bodach ag iarraidh na spréidh. Nuair a théid a' ghrian sìos anns an iar, Bidh driùchd air an talamh bheir fàs air an fheur; Bidh àille na maradh tighinn a-nall air a' chuan, Bheireadh slàinte do m' cholann gach latha 's a' bhliadhn'. Air feasgar an t-samhraidh 's air làithichean ciùin, Chì sibh maighdeannan bòidheach le bó nan glinn; An gruaidh mar na ròsan 's am pearsa cho grinn, 'S ann a fhuair iad an àrach an Ceap Breatainn a' ghlinn'. Bi mi nisd a' co-dhùnadh le beannachdan bhuam, Gu pàipear mo chridh', Post-Record nam buadh; Nuair a thig e air thuras le Ghàidhlig mo ghaoil, Gun d'thog e mo chridhe 's cha ghabh e toirt bhuam.