Lunnain a Rithisd!
Tar-sgriobhadh | Transcription
GF210i09 LUNNAIN A RITHISD!
Beulaiche: Iain Mhurchaidh Eòin Mhóir | John K. MacNeil
Bha siud ann reimhid [indecipherable]—ist. Dh' fhàg 'ad tìr mhór air sgotha. Bha 'ad a' dol a Lunnain. Thàinig an stoirm 's droch-shìde. Chaidh a' sgoth a chuir air tìr orra. 'S chaidh an toiseach aige a bhristeadh. Dh'fhalbh fear aca am beul [an ath oidhche 'san anmoiche?] dha 'n choille le tuaigh, feuch am faigheadh e maide, a rachadh 'san àit' a bha seo.
Bha e siubhail a' falbh 's chaidh e air chall is ceò ann 's uisge 's gnothaichean. Thàinig e gu taigh beag 'sa choillidh. [BREAK IN TAPE] Thàinig e gu taigh beag 'sa choillidh. Bhuail e an doras. Thàinig cailleach dha 'n doras. Dh'fhaighneachd e am faodadh e an oidhche a chur seachad. Uill, thuirt i nach robh àite cadail ann. "Chan eil àite cadail a dhìth orm," ars' esan, "ach a dhol 'nam shìneadh. Tha mi air chall co-dhiù," thuirt e."
"Thig a-staigh." Is chaidh e a-staigh.
Chaidh e 'na shìneadh ach cha robh e a' cadal idir. An ceann treiseadh dh'éirich té dha na cailleachan, agus dh'fhosgail i [drawer?], is thug i currac beag aiste. Chuir i mu ceann e. "Lunnain a rithisd!" ars' ise. Dh'fhalbh i. An ceann tacain dh'éirich an té eile 's rinn i a' leithid—rinn i a' leithid cheunta. Chuir i currac beag mu ceann. "Lunnain a rithisd!"
Bha e leis fhéin an uair sin. Uill dh'éirich e fhéin an uair sin 's dh'fhosgail e 'n [drawer?] 's chunnaic e currac beag no dhà ann. Chuir e fear dhiubh ma cheann. "Lunnain a rithisd!" ars' esan. Dh'fhalbh e. [Chiad fhaireachdainn?] a bh' aige, bha e ann am bar room ann an Lunnain. 'S cò a bha reimhe ach an dà chailleach.
Chuir 'ad a' stuth cruaidh ris cho math 's a b' urrainn dhaibh 's ghabh e an daorach 's thuit e 's chaidil e air an ùrlar. Thàinig na maoir a-staigh air latha na mhàireach, is [?]. Uill, thuirt 'ad gu robh "[uiread seo?] de bhliadhnaichean [mun/nuair?] start thu ghoid a' seo 'sa [mheirle?].
'S fhuair sinn thu mu dheireadh."
Chan fhaigheadh e luchd-lagh no rud eile, ach dìreach chuir às dha 'sa mhionaid. Cha b' urrainn dha guth ag ràdh co-dhiù. Ach coma co-dhiù chaidh a' chroich a dhèanamh. Chaidh a thoirt a-mach 's a chuir air a' choich 's an dul a chuir mu amhaich. Thuirt fear aca ris, "Bheil idir guth agad air do shon fhéin ri ràdh?"
"Uill chan eil," thuirt e, "ach tha currac beag agam ann am pòca," ars' esan, "ann a' seo." Chuimhnich e air a' sin. "Cha deachaidh mi riamh a chadail," ars' esan, "gun e bhith orm. Thug mo mhàthair dhomh e," ars' esan. "Am faod mi a chuir—"
"Faodaidh."
Chuir e an currac beag air, 's e air a' chroich, agus bhathar a' dol a bhreabadh na croicheadh aig a chasan shìos. Chuir e 'n currac beag air. "Tìr mór a-rithisd!" ars' esan 's dh'fhalbh e, e fhéin 's a' chroich. Uill am fear a bha dol a leigeil—a chuir as dha air a' chroich, chaidh e ás a' [?], gus an robh e anmoch. Thachair gun robh 'ad a' dol cross a' chuain feuch [am faighte?] bhreabadh air thaobh a cinn, is chaith a-mach e [thaobh?] bha e dol a dhèanamh a' cron. Land e co-dhiù. Land e air tìr mhór leis a' chroich 's do [ròpannan?] 'sa h- uile rud a bh' ann. 'S thug 'ad fhiodh ás a' chroich a rinn a' stem thoisich dhe 'n bhàta mhór a bha sin, agus cliath airson cliathadh an talmhainn. Agus [pìos bha stéidhe?].
Sin an naidheachd.