Cumha
A’ chiad sreath | First Line
Tar-sgriobhadh | Transcription
GF037i05 CUMHA
Beulaiche: Niall Alaidh Alasdair | Neil Allan MacLean
Bàrd: Aonghas Bàn mac Phàrlain | Angus MacFarlane
Nuair a ràinig mi do chlìreadh,
Far an robh thu, Nill a' tàbhachd,
Fhuair mi'n fhàrdraich air a dùnadh,
Shil mo shùilean 's cha bu nàir dhomh.
Bho 'n a dh'fhàg thu Gleann nam Pìobairean,
'S e chuir mìcheist air mo nàdur;
Gur ann ort fhéin 's air do chuid cloinneadh
Chaidh a sloinneadh, tha iad ag ràidhinn.
Hó gur misd' leam é gur misd' leam,
Hó gur misde leam mar tha a' chùis;
'S misde leam gun d' rinn thu gluasad
Null gu tìr a' ghuail a thàmhachd.
'S nam biodh fios ac' a's an tìr sin,
Air cho grinn 's a tha do nàdur;
Thogte pàileis a bhiodh daor ann,
Is bheirte dhut-sa saor bho mhàl e.
Bho 'n a dh' fhàg thu Gleann nam Pìobairean,
'S e chuir mìcheist air mo nàdur;
Gur ann ort fhéin 's air do chuid chloinneadh
Chaidh a sloinneadh, tha iad ag ràidhinn.
Sheinneadh Iain grinn a' phìob dhut,
Sheinneadh Sìn' i, agus Teàrlach,
Eachann, Flòraidh agus Seumas,
Mary Jane is May is Charlotte.
Hó gur misd' leam é gur misd' leam,
Hó gur misde leam mar tha a' chùis;
'S misde leam gun d' rinn thu gluasad,
Null gu tìr a' ghuail a thàmhachd.
Reference sources:
Smeòrach nan Cnoc is nan Gleann, ed. Hector MacDougall (1939), p. 123