GF037i05 CUMHA Beulaiche: Niall Alaidh Alasdair | Neil Allan MacLean Bàrd: Aonghas Bàn mac Phàrlain | Angus MacFarlane Nuair a ràinig mi do chlìreadh, Far an robh thu, Nill a' tàbhachd, Fhuair mi'n fhàrdraich air a dùnadh, Shil mo shùilean 's cha bu nàir dhomh. Bho 'n a dh'fhàg thu Gleann nam Pìobairean, 'S e chuir mìcheist air mo nàdur; Gur ann ort fhéin 's air do chuid cloinneadh Chaidh a sloinneadh, tha iad ag ràidhinn. Hó gur misd' leam é gur misd' leam, Hó gur misde leam mar tha a' chùis; 'S misde leam gun d' rinn thu gluasad Null gu tìr a' ghuail a thàmhachd. 'S nam biodh fios ac' a's an tìr sin, Air cho grinn 's a tha do nàdur; Thogte pàileis a bhiodh daor ann, Is bheirte dhut-sa saor bho mhàl e. Bho 'n a dh' fhàg thu Gleann nam Pìobairean, 'S e chuir mìcheist air mo nàdur; Gur ann ort fhéin 's air do chuid chloinneadh Chaidh a sloinneadh, tha iad ag ràidhinn. Sheinneadh Iain grinn a' phìob dhut, Sheinneadh Sìn' i, agus Teàrlach, Eachann, Flòraidh agus Seumas, Mary Jane is May is Charlotte. Hó gur misd' leam é gur misd' leam, Hó gur misde leam mar tha a' chùis; 'S misde leam gun d' rinn thu gluasad, Null gu tìr a' ghuail a thàmhachd.