Back to recordings

Anns a' ghleann 'sa robh sinn òg

0:00
0:00 Download MP3

A’ chiad sreath | First Line

Tar-sgriobhadh | Transcription

Download transcription

GF030i03N ANNS A' GHLEANN 'SA ROBH SINN ÒG


Beulaiche: Iain Dhòmhnaill Bhàin | John MacNeil
Bàrd: Niall mac Dhòmhnaill nan Òran | Neil MacLeod



'S nuair a philleas rinn a' samhradh,
Bidh gach doire 's crann fo chròic;
Na h-eòin ag éigheachd air na meanglan;
Dèanamh caithream binn le 'n ceòl;
'S na laoigh òg' a' leum le sunnd
A' cuir smùid air feadh nan lòn;
Ach cha chluinnear sin 'san àm seo,
Anns a' ghleann 'sa robh sinn òg.


'S nuair a dhùisgeadh sinn 'sa mhadainn,
Bidh an driùchd air bhàrr an fheòir;
Bidh a' chuthag is gug-gùg aic'
Ann an doire dhlùth nan cnò;
'S na laoigh òg' a' leum le sunnd,
A' cuir smùid air feadh nan lòn;
Ach chan fhaicear sin 'san àm seo
Anns a' ghleann 'sa robh sinn òg.


Notes (fieldnotes):
No chorus sung.

Reference sources:
The Glendale Bards, ed. Meg Bateman (2014), p. 17

John Dan MacNeil
Na Pònaichean | St. Rose 11 recordings Faic pròifil | view profile