GF030i03N ANNS A' GHLEANN 'SA ROBH SINN ÒG Beulaiche: Iain Dhòmhnaill Bhàin | John MacNeil Bàrd: Niall mac Dhòmhnaill nan Òran | Neil MacLeod 'S nuair a philleas rinn a' samhradh, Bidh gach doire 's crann fo chròic; Na h-eòin ag éigheachd air na meanglan; Dèanamh caithream binn le 'n ceòl; 'S na laoigh òg' a' leum le sunnd A' cuir smùid air feadh nan lòn; Ach cha chluinnear sin 'san àm seo, Anns a' ghleann 'sa robh sinn òg. 'S nuair a dhùisgeadh sinn 'sa mhadainn, Bidh an driùchd air bhàrr an fheòir; Bidh a' chuthag is gug-gùg aic' Ann an doire dhlùth nan cnò; 'S na laoigh òg' a' leum le sunnd, A' cuir smùid air feadh nan lòn; Ach chan fhaicear sin 'san àm seo Anns a' ghleann 'sa robh sinn òg.