Back to recordings

Òran Òil

0:00
0:00 Download MP3

A’ chiad sreath | First Line

Tar-sgriobhadh | Transcription

Download transcription

GF029i09 ÒRAN ÒIL


Beulaiche: Iain Dhòmhnaill Bhàin | John MacNeil



Shìos an t-sràid, 's mi 'dol dhachaidh
'S mi 'faireachdainn neònach
Mi mar bhó air a h-aineoil
Ann an talamh gun eòlas
Seachad seòmar nan uinneag,
Thàinig cruinneag dha 'm chomhair ann
Dh'éibh i fàilt' a' sin suas,
"Is fhad bho'n uair sin a Dhòmhnaill,
'S nach dean thu [stàn/stad?]"


Thuirt i rium gum bu chóir dhomh
A dhol à sheòmbar nan uinneag
Far a robh ceòl agus danns',
Iomadh seòrs' agus iomairt
Agus [tadhanan?] òil
Is bith tu Dhòmhnaill air [bhiorag?]
Mun tig thu 'mach.


'S ann a dh'iarr mi stob na do ghlainne
Feuch a fanadh 'ad samhach
Bho 'n a bha toil agam [m' ainm?]
Fhaodainn glan a's a' [lann?]
Cha robh sporan na airgead
Nach do dh'fhalbh aig na méirlich
A rinn mo bhrath


'S ann a dh'éirich mi [mar saor?]
Is bhuail mi breab air an ùrlar
Is thuirt mi riuth' as a t-seasamh
Gur e peasan a spùill mi.
Cha do [char e?] nam dhòrn
'S ann a bha pòca do [choinneadh? caomhnadh nochdadh?]
[?] [òran iad/meòirean ud?]
'Ad a [shròl?] agus [rùsg?] le fear mu seach.


Dh'éirich [luch/luchd?] air a [lochdan? ghlacan?]
'S ann a ghlac e mo sgòrnan
Is thuirt e rium, "Bi 'dol dhachaidh"
Neo gun tachadh e beò mi.
[BREAK IN TAPE?]
'S rinn e tionndadh a bha [gum?]
[Fhuair/bhuail?] mi [lachaid/lochar?] 's an t-sròin [dhuibh/dhaibh?]
Chuir siud teas ann am [pothrail?]
Is bàrr mo shròin air a lùbadh
E garrach, glas.


John Dan MacNeil
Na Pònaichean | St. Rose 11 recordings Faic pròifil | view profile