Back to recordings

Catrìona Òg

0:00
0:00 Download MP3

A’ chiad sreath | First Line

Tar-sgriobhadh | Transcription

Download transcription

GF029i10 CATRÌON' ÒG


Beulaiche: Iain Dhòmhnaill Bhàin | John MacNeil


Chaidh mi sìos on taobh ud shìos,
Far a robh mo chiall 'ga sruthadh ann;
Thug mi làmh air mo ghunna caol,
'S gun do lig mi 'n gaol riochd tunnagan.


'S gun do thug mi làmh air mo ghunna caol,
'S gun do lig mi 'n gaol riochd tunnagan;
A Chatrìon' Òg 's tu a rinn mo leòn,
'S tu a dh'fhàg fo bhròn 's fo mhulad mi.


A Chatrìon' Òg 's tu a rinn mo leòn,
'S tu a dh'fhàg fo bhròn 's fo mhulad mi;
An té rinn dhomhsa a' léine chaol,
Cha dèan an gaol gin tuilleadh ann.


An té rinn dhomhsa mo léine chaol,
Cha dean an gaol gin tuilleadh ann;
O leaba làir chan fhaigh mi tàmh,
'Sa seòmar àrd, cha chuir iad mi.


'Sa leaba làir chan fhaigh mi tàmh,
'Sa seòmar àrd, cha chuir iad mi;
O leaba fhraoich cha laigh mo thaobh,
'S e leaba chaol a chumas mi.


'S air leaba fhraoich cha laigh mo thaobh,
'S e leaba chaol a chumas mi;
Ach a Dhia, cùm rium mo chiall,
Cha robh mi riamh cho cunnartach.


John Dan MacNeil
Na Pònaichean | St. Rose 11 recordings Faic pròifil | view profile