A Mhàiri Dhubh, a hù a ho
A’ chiad sreath | First Line
Tar-sgriobhadh | Transcription
GF108i03 A MHÀIRI DHUBH, A HÙ A HO
Beulaiche: Iain Saoimein | John Simon MacDonald
[Séist:] Mhàiri dhubh, a hù a hò,
Mhàiri dhubh, hó rì hó rò,
Mhàiri dhubh, 's a Mhàiri dhonn,
Tha m' inntinn trom bho'n d' dhealaich mi,
Ri Màiri dhubh, a hù a hò.
'S latha dhomh 's mi falbh na sràid',
Cò thachair rium ach mo ghràdh,
Taomadh uisg' á tobar [tàmh?],
'S cha bhi mi slàn mur faigh mi thu.
'S truagh nach robh mis' is tu fhéin,
Anns a' ghleann 's am biodh na féidh,
'S binn thu na fìdheall nan teud,
'S am beus an deoghaidh a theannachadh.
'S fhuair mi fàinne de dh'òr,
Airson a thoirt do Mhàiri òg,
Faodaidh mi nis seo a' cur nam phòc',
Tha Màiri òg aig fear-eigin.
'S an uair a bha mi 'nam ghill' òg,
Bha mi trom air a bhith 'g òl,
Cumail suas ri comann còir,
'S a' còmhradh ris na caileagan.
'S cha robh i dubh, 's cha robh i donn,
Bòidheach, deas i air a bonn,
Thuit mo chridhe, is dh'fhàs e trom,
'S tha Màiri òg aig fear-eigin.
'S fad' a chì mo shùil a' ghrian,
Tighinn on ear 's a' dol an iar,
'S ged a chì, cha bhi mi shìos,
Mo chiabhagan air tanachadh.
Reference sources:
Mac-Talla, vol. 12 no. 20 (1904), p. 7; Coinneach mac Raghnaill, "Màiri, air a bheil an aois," An Drochaid Eadarainn, https://web.archive.org/web/20240621162024/https://www.androchaid.ca/forum/na-h-%C3%B2rain/m%C3%A0iri-air-bheil-aois