sgiathag | refers to the old chimney vent when the fire was in the middle of the floor. The ‘sgiathag’ was the board which you shifted according to wind direction. |
cabair saoidh | this was the wooden handle attached to the above [i.e. sgiathag (q.v.)]. |
cridhealas | kindness. |
beul na firinn | term applied to one of the old wooden planes. Could not be more specific as regards an English name. |
locair duirn | a smaller plane. |
sinnag | a wick in a lamp. |
dul | hook. |
spar gaoithe | a wooden pole extending from the top of the wall up to the apex of the gable. |
Ròthart nan Eun | same as ‘Ròthart na h-Éill Pàdruig’. ‘Ròthart’ pronounced without the ‘e’ in both North and South Uist. ‘Ròthart nan Eun’ so called since the tide would [sic] higher in the following months, therefore making it safe for birds to nest at the highest mark left by the tide. |
éillsginn | oilskins. |
èarraig | engraving on material, e.g. design on a fireplace. |
iarunn dreasaigaidh | clothes iron. |
taiteadh | heating. |
glùtranadh | the gap between the two walls of a house. |
gunna dùbailte | double barrelled gun. |
ròsdladh | roasting. |
meall is caith e | when you wear a new garment it is or certainly was customary to greet such an event with this phrase, e.g. “Meall is caith na brògan ùra.” |
dol ann | carry on. “Nach ann an sin a tha dol ann.” |
spiondral gél | weather conditions rapidly approaching gale force conditions. Blustery, windy conditions. |
Seanfhaclan |
[Seanfhacal 1] | Cha d’iochd luaths na h-earba gun na coin a leigeil innte. |
[Seanfhacal 2] | Leisgeul arain gu ith ìme. |
[Seanfhacal 3] | Neach a chreideas na chual e ithidh e na chì e. |
[Seanfhacal 4] | Each gad thilgeadh ’s bean gad dhiultadh. |
[Seanfhacal 5] | Na buaill ’s na beathaich cù daoin’ eile. |
[Seanfhacal 6] | Searrach a bu chor a bhith ’sa làire ’s ann a dh’fhàs e ’sa ghearan. |
[Seanfhacal 7] | Na altrumais ceann goirt. |
[Seanfhacal 8] | Goirteas a chinn fhein a dh’fhairicheas gach neach. |
[Seanfhacal 9] | Fialachd mhath air cuid chaich. |
[Seanfhacal 10] | Sòlas an dara duine dòlas an duin’ eile. |
[Seanfhacal 11] | Cha robh math no olc riamh gun mhnathan uime. |
[Seanfhacal 12] | ’Se na lamhan salach a ni na guailain glan. |
[Seanfhacal 13] | ’S ann do lamhan glan a thig altachadh a dheanamh. |
[Seanfhacal 14] | ’Se sùil a ghleidheas sealbh. |
[Seanfhacal 15] | ’S miosa aon diultadh na dà thabhartas dheug. |
[Seanfhacal 16] | Mur a toir thu gnothach do’n bhaile mhór bheir thu gnothach as. |
[Seanfhacal 17] | Cha teid an còta glas cho math dh’an h-uile fear. |
[Seanfhacal 18] | Annas aig a chat earbal a bhi air. |
[Seanfhacal 19] | ’S toill le bò a h-amhuil. |
[Seanfhacal 20] | A’ chuileag a thig as an òtrach ’si ’s airde srann. |
[Seanfhacal 21] | Seachain an t-àth ’san do bhathadh do sheanair. |
[Seanfhacal 22] | Ultach teine cuid duin’ eile. |
[Seanfhacal 23] | Cha tig air an t-seann each ach na th’ann a thoirt as. |
[Seanfhacal 24] | Gabhaidh dath dubh ach cha ghabh dubh dath. |
[Seanfhacal 25] | Cha sheas a’ choinneal fada gabhail as an dà cheann. |
[Seanfhacal 26] | ’S toill leam aran a’ bhodaich ach cha toill leam anail a’ bhodaich. |
[Seanfhacal 27] | Cha tig ubh mór a tòn an dreaghan. (Should this be ‘dreathan’?) |
[Seanfhacal 28] | Mur a dean mi spàinean millidh mi adhaircean. |
[Seanfhacal 29] | ’S olc an t-each nach giullain a dh’iollaid. |
[Seanfhacal 30] | Cha deach càin riabh air balbhan. |
[Seanfhacal 31] | Chan urrainn duine mhin ithe ’san teine shéideadh. |
[Seanfhacal 32] | ’S coma leis an t-sioda cò an tòn mu’n bi e. |
[Seanfhacal 33] | Far nach bi damh bi frasach glan. |
[Seanfhacal 34] | Rud a tha ’sa chàt bi e ’sa phisaig. |
[Seanfhacal 35] | Gabh ri cladach ’s na leig dad ort. |
[Seanfhacal 36] | Ma bhuanaicheas tu leis an òrdaig caillidh tu air an lùdaig. |
[Seanfhacal 37] | Rud bhios fad o’n t-sùil bi e fad o’n chridhe. |
[Seanfhacal 38] | Bi Niall beò na sheòl fhein. |
[Seanfhacal 39] | Aontaiche criomag ri breugag. |
[Seanfhacal 40] | ’Nuair is teanna an taod ’s ann is docha i bristeadh. |
[Seanfhacal 41] | Toiseach na beithe ’s deireadh na coille. |
[Seanfhacal 42] | ’S fhada mu’n toir do cheol a chuideachd thu. |
[Seanfhacal 43] | Thig an fhàlairachd anns na h-eich mhóra leotha fhein. |
[Seanfhacal 44] | Thig gnothuch na ban righ a thigh nan cearc. |
[Seanfhacal 45] | ’S fhearr an t-olc eolach na an t-olc aineolach. |
[Seanfhacal 46] | Cho fad’s gun tàr am meirleach as, glacar e. |
[Seanfhacal 47] | Chan eil càll mór gun bhuinnig bhig. |
[Seanfhacal 48] | Ged a gheibhte duine air chor cha bu chòr a shàrachadh. |
[Seanfhacal 49] | ’S fhearr deathach a’ fhraoich na gaoth reothaidh. |
[Seanfhacal 50] | Cha do chaill duine riabh air fuigheal na foighidean. |
[Seanfhacal 51] | Chan ann gun saothair a nighear còt. |
[Seanfhacal 52] | Chan eil car anns an t-sionnach nach aithne dh’an t-sealgair. |
[Seanfhacal 53] | Mìr gach iasgaidh air gach mios. |
[Seanfhacal 54] | Faodaidh duine a bhi na thosd ’sa throd a bhi na chuimhne. |
[Seanfhacal 55] | Mar thionndadh na boise bidh crois a’ tachairt. |
[Seanfhacal 56] | Cha tig tiurra leis a h-uile muir làn. |
[Seanfhacal 57] | Is minig thug taillair math greis air fuigheal cearr. |
[Seanfhacal 58] | Far an deach an gruth sruthadh am meang. |
[Seanfhacal 59] | Teine chaoran ’s gaol balaich dà rud is giorra mhaireas. |
[Seanfhacal 60] | ’S math nach eil iuchraichean an domhain fo chois na h-aon mnatha. |
[Seanfhacal 61] | Cha chuimhnich fear gionach cù. |
[Seanfhacal 62] | Cha sgal cù ri cnaimh. |
[Seanfhacal 63] | Aithniche tu air sòp co an taobh tha ghaoth a’ sèideadh. |
[Seanfhacal 64] | ’S math creagan ’s an Fhoghar ach ’s fhearr sguab ’san Earrach. |
[Seanfhacal 65] | ’S fhear [sic] deagh eolas na droch chairdeas. |
[Seanfhacal 66] | ’S fhearr aon dorn o fhioranach na dhà dheug o bhoireannach. |
[Seanfhacal 67] | Glacaidh am fitheach a dh’eireas an toiseach sùil a’ bheathaich a tha ’sa phòll. |
[Seanfhacal 68] | Am fear a dh’itheas an t-ìm deanadh e a’ chlachaireachd. |
[Seanfhacal 69] | Am fear a thug do thigh samhraidh togadh e do thigh geamhraidh. |
[Seanfhacal 70] | Foghnaidh salann salach dha’n ìm ròineach. |
[Seanfhacal 71] | ’Nuair a dh’fhalbhas am fodar togaidh am bodach an gàradh. |
[Seanfhacal 72] | Chan eil carraig air nach caochail struth ach carraig gun struth air. |
[Seanfhacal 73] | Fainne òir ann an sròn muice. |
[Seanfhacal 74] | Chan eil iasg ’sa chuan nach eil a leithid eile ann. |
[Seanfhacal 75] | ’S minig a thainig muir mór a slumanaich. |
[Seanfhacal 76] | ’S miosa an t-eagal na an cogadh. |
[Seanfhacal 77] | ’S fhasa leis an darach lùbadh neo bristeadh. |
[Seanfhacal 78] | Na cuir a mach an t-uisge salach gus an toir thu an t-uisge glan a staigh. |
[Seanfhacal 79] | Far am bi mo chràdh bi mo làmh, far am bi mo ghràdh bi mo thathaich. |
[Seanfhacal 80] | Fear nach bi beag cha bhi mór. |
[Seanfhacal 81] | Teine chaorain ’s gaol seòladair. |
[Seanfhacal 82] | Ni an t-ìm blasda na còpagan. |
[Seanfhacal 83] | Innis dhomsa cò do chompanach ’s innsidh mise cò thu fhein. |
[Seanfhacal 84] | ’S leir dhut an smuirnein an t-sùil do charaid ’s chan fhaic thu an t-sàil nad shùil fhein. |
[Seanfhacal 85] | Chan ionan fear na niosgaid ’s fear ga fàsgadh. |
[Seanfhacal 86] | Comhairle caraid gun iarraidh, comhairle nach d’fhuair riabh a meas bu chor dhith. |
[Seanfhacal 87] | Gille luideagach ’s loth phealagach, dithis air nach bu chor dimeas a bhi. |
[Seanfhacal 88] | Na cuir ’s na seachain an cath. |
[Seanfhacal 89] | Is mairg a chuireadh an ùir air a chinneadh fhein. |
[Seanfhacal 90] | Chan fhuirich muir ri uallach ’s chan fhan là ri righ. |