<h2>Ailig O’Henley</h2>
<p>As dèidh ceumnachadh bho Oilthigh Ghlaschu agus fhad’s a bha e a’ feitheamh ri faighinn a-steach do Cholaiste
Chnoc Iordan airson ceum teagaisg, ghabh Ailig O’Henley dreuchd oifigear raoin? ( field officer`) aig Oilthigh
Ghlaschu as t-fhoghar 1987. ’Se obair bliadhna a bh’ ann airson pròiseact Faclair na Gàidhlig fo stiùir an Ollaimh
Ruaraidh Mac Thòmais nach maireann. B’e amas na h-obrach faclan Gàidhlig a bha dùthchasach dha na h-Eileanan
a Deas 's nach robh clàraichte a thogail agus am biathadh a-steach dhan phròiseict. Uile gu lèir chlàr Ailig — facal sa
bhliadhna sin eadar Barraigh is Beàrnaraigh sa mhòr-chuid dhiubh air an togail san eilean dha buin e fhèin, Uibhist a
Deas.</p>