GF350i06 LEISGEUL Beulaiche: Lachlann Dhòmhnaill Nìll | Lauchie Dan N. MacLellan O b' fhurasda siud dhomhsa, duine còir a' chridh' bhlàth Nam b' aithne dhomh do chòmhradh chuir air dòigh mar nì na bàird Gun innsinn sìos gu thoirt amach h-uile dòigh mar rinn thu fàs Gu flathail coibhneil sìobhalta 'is fìrinneach 's gach càil Ged rinn mi 'n t-òran suarach, cha b' ann le fuath no foill Ach uair a bha mi eòlach ort ‘on bha sinn òg 'nar cloinn Gun gabhainn dhut 'ad ònar e nuair bhiodh tu còmhradh rium O 's tric a rinn sinn còsachadh 's bhiodh spòrs againn gach àm Tha mearachdan 'is fàillinnean air am fàgail dhuinn gu léir Chan fhaod sinn bhith 'ga àicheadh 's sinn gach latha 'gan cur an céill O thuiteam ‘ur ciad phàrantan 's a' ghàradh 'sa robh spéis 'S a' lean gach linn mar thàinig iad 's gach àl a thig 'nan déidh