Back to recordings

Beathach Uamhasach

0:00
0:00 Download MP3

Tar-sgriobhadh | Transcription

Download transcription

GF349i08E BEATHACH UAMHASACH


Beulaiche: John Dan Nìll Mac na Bantraich, Iain Dhòmhnaill Néil Eòin Chaluim 'ic Iain Bhàin | John Dan MacNeil



[John Dan MacNeil:] Bha mi oidhche air chéilidh ann an taigh shìos air Broad Cove Marsh. 'S dar a dh' fhalbh mi chross mi ro phàirc—ro bhail' a bha làmh riu', dh'ionnsaigh a' rathaid. Bha e tighinn far—far na Maiseadh bha seo. Dar a thàna mi gu corner no lane aig Danny MacDougall bha sneachda cruaidh suas taobh na feansa loidhne. Cha robh roinn de dhìreadh ann. Thuirt mi rium fhín, "Tha mi dol a ghabhail mar seo, suas mar seo."


Cha d' rinn mi ach startadh suas ann a' seo. Dh'fhairich mi bruidhinn. Thug mi sùil 's bha dithist tighinn a-nuas dha 'n cois tron phàirce, mar seo. Dh'ionnsaigh a' rathaid mhóir. All right. Chùm mi orm. 'S bha mi smuaineachadh bhiodh 'ad aig a' rathad mar siud. Thug mi sùil as mo dheoghaidh.


Uill bha beathach a' dol cross fodham, coltach ri leòmhann mór uabhasach. Cha d' thug mise an còrr sùil air. Chùm mi orm 's bha mi dol thar—thar feansa a bh'ann am bràigh na pàirc' ann a' siud, siud agus thug mi sùil thar mo ghuailleann, mar siud. Cha robh sgeul air. Bha mi 'g ràidhinn rium fhìn, "bha—ma tha e tighinn às mo dheoghaidh, tha mi dol a thilleadh a dh'ionnsaigh a' chiad taigh."


Dhìrich mi suas air mullach na beinneadh gus an [tiginn?] a' rathad mhór a rithist. Cha fhaca mis' an còrr dhe 'n—dhe 'n bheathach.


[John Shaw:] Chan fhaca.


John Dan MacNeil
An Gleann Mór | Barra Glen 15 recordings Faic pròifil | view profile