Back to recordings

Òran air Oidhche Shamhna (le ro-ràdh)

A’ chiad sreath | First Line

Tar-sgriobhadh | Transcription

Download transcription

​​GF287i01N ÒRAN AIR OIDHCHE SHAMHNA (LE RO-RÀDH) (CUINGICHTE)


Beulaiche: John Dan Nìll Mac na Bantraich | John Dan MacNeil
Bàrd: Bean Mhìcheil Steaphainn , Catrìona NicNìll | Catherine MacNeil



Bhiodh rathad goirid eadar an t-àit' ris an can 'ad "An Cùl Beag" agus àite Dhòmhnaill Dunn, 's àite Stephen Dunn. Agus thàinig -- air oidhche Shamhna, thàinig an triùir dhiubh bha seo, triùir do ghillean òga, tha mi 'creidsinn ma dh'fhaoidte gun robh 'ad ri beagan do dh'òl, thòisich 'ad ri -- smaointich 'ad gun tòisicheadh 'ad ri cleasan a dhèanamh aig àite Dhòmhnaill Dunn. Agus 's ann a rinn 'ad beagan do mhilleadh ann. Agus chaidh òran a dheànamh dhaibh, co-dhiù.


Séist: Ho roil a' càin a chunna mi
Hi rill a' càin a chunna mi
Ho roil a' càin a chunna mi


'S thàinig triùir ás Chùil Bhig
Is ghabh 'ad cross na mullaichean


Chaidh 'ad a dh'àite Dhòmhnaill Dunn
'S gun d' rinn 'ad plunder ifhrinn ann


Thug Dòmhnall Aonghais breab dha 'n phorch
Is leag e h-uile tuba a bh' ann


Bha Dòmhnall Dunn a-muigh a's a léinidh
'S e 'g éibheachd nan cunnartan


Sin na th' agamsa dheth.


John Dan MacNeil
An Gleann Mór | Barra Glen 18 recordings Faic pròifil | view profile