Sealladh Duine Mairbh
Tar-sgriobhadh | Transcription
GF349i07E SEALLADH DUINE MAIRBH
Beulaiche: John Dan Nìll Mac na Bantraich, Iain Dhòmhnaill Néil Eòin Chaluim 'ic Iain Bhàin | John Dan MacNeil
[John Dan MacNeil:] Bha agam ri—ri dhol cross air—air àite a bha duine ann a chroch e fhéin 'sa choillidh. Oidhche gheal ghealaich a bh' ann ann am March. Is bha mi 'cluinnteil gum biodh 'ad 'ga fhaicinn, feadhainn. Tha fhios 'am air dithis no cearthrar a chunnaic e. Ach chan fhaca mise riamh e, an duine.
[John Shaw:] Chan fhaca.
[JDMN:] 'S cha robh duine a' fuireach 'san taigh is chross mi ro 'n bhaile, is bha mi dol seachad goirid dha 'n taigh mar seo. Thionndaich duine goirid dha rathad fo uinneag a' chidsin direach aig dorast—an dorast bha dol a-staigh dha 'n phoirdse mar a' seo. Agus bha outhouse bheag pìosan beag an taobh thall dhomh.
[Thoirt?] seachad dorast na h-outhouse 's ma 'n d' ràinig dorast—ma 'n d' ràinig e an dorast, dh' fhosgail e 'n dorast 'na choinneimh 's chaidh e 'staigh dha 'n outhouse 'is dhùin e an dorast as a dheoghaidh. Is chaidh mise seachad air cùl na h-outhouse. Is cha do ghabh mi an t-eagal; dh' aithnich mi gur e a bh' ann, leis gu robhas 'ga fhaicinn.
Cha do ghabh mi greim eagail 's mu—mu ruiginn dhachaigh—bha pìos astair ann, dà mhìle co-dhiù ann—bha agam ri dhol ro phìosan do choillidh. "My God," thuirt mi. Shaoil leam gu robh falt ag éirigh [?] 'm chinn mar siud, 's mi studaigeadh air. Chan fhaca mis' an còrr.
[JS:] Chan fhaca.