Dòmhnall Eóghainn: An Deamhan agus Dia
Tar-sgriobhadh | Transcription
GF348i10 DÒMHNALL EÓGHAINN: AN DEAMHAN AGUS DIA
Beulaiche: Ailean a' Bhùidseir | Allan MacEachern
AM: [Dh'fhalbh?] e is fhuair e tumbler, 's chuir e -- bha e measail air an deoch.
JS: Aig an t-sagart?
AM: Seadh, agus thuirt e ri Dòmhnall -- thuirt e, thuirt e -- fhuair e tumbler is chuir e, leathaich e i do ruma. Dh'fhalbh e sin 'is fhuair e tumbler eile is leathaich e do dh'uisg' i. Agus chuir e na dhà dhiubh air a' bhòrd. Uill, thuirt e ri Dòmhnall,
"A-nist, coimhead, a Dhòmhnaill," thuirt e, "shiud agad an Deamhan, siud agad Dia. Agus có fear dhiubh sin a tha thu dol a ghabhail?"
Uill, chaidh Dòmhnall a-null 's choimhead e. "Uill, ars e, gabhaidh mi an Deamhan an toiseach, is gabhaidh mi 'n sin Dia is draibhidh e an Deamhan asam!"
Ghabh e 'n ruma an toiseach, is ghabh e 'n sin an t-uisg' as a dheoghaidh. Ma 's e Dia a bha 'san uisge, dhraibheadh e an Deamhan ás.