Dòmhnall Eóghainn Duinn agus am Peanas 'sa Chladh
Tar-sgriobhadh | Transcription
GF348i08 DÒMHNALL EÓGHAINN DUINN AGUS AM PEANAS 'SA CHLADH
Beulaiche: Ailean a' Bhùidseir - Allan MacEachern
Triop a chaidh Dòmhnall Eóghainn Duinn thuige—null aig 'n eaglais chun a' sagairt. Thuirt e ris gur e fada gu robh e 'n comhair na h-eaglais, ach "thusa a-nist tha mi 'dol a chur peanas ort. Tha agad ri dhol sìos dha 'n chladh agus a h-uile h-uaigh tha siud, an uibhir seo do dh'ùrnaigh a ghabhail aig a h-uile té dhiubh."
Ach dh'fhalbh Dòmhnall sìos, is choisich e mu chuairt air a' chladh 's choimhead e agus bha Maighstir Dòmhnall 'ga watchadh, 's air an do choimhead air mun chuairt air a h-uile sian, start e air n-ais suas. Dar a bha e 'dol seachad air an taigh, thàinig Maighstir Dòmhnall mach 's thuirt e, "Càit a bheil thu dol a-nist, a Dhòmhnaill?"
"Tha mi 'dol a choimhead airson taigh bòrdaidh an toiseach mun tòisich mi."
Gus an ùine bheireadh Dòmhnall, dh'fheumadh e taigh bòrdaidh fhaighinn—cha b' urrainn dha bhith coiseachd bho 'n taigh a h-uile là.