Back to recordings
Leig Dhìot an Cadal
A’ chiad sreath | First Line
Tar-sgriobhadh | Transcription
GF346i06 LEIG DHÌOT AN CADAL
Beulaiche: Seumas Mhìcheil Mhurchaidh | Jim Francis MacNeil
Séist: Leig dhìot an cadal is tionndaidh rium,
Mi gun mhire, gun aire is mo làmh air an stiùir,
Leig dhìot an cadal is tionndaidh rium.
'S ann aig ceann Loch na Béisteadh a shìn i air séideadh,
Bha mis' agus m' eudail a' (reubadh?) nan stùc.
Le ceann Loch na Madainn a shìn i air sadadh
Bha fhairg' is clach-mheallainn a' dalladh mo shùil.
Gu bheil Muireann mo ghràidhs' a nì Murchadh mo bhràthair
A' stiùireadh am bàta is a' càradh na siùil.
Gur e truagh le mo mhàthair a ghiùlan trì ràithean
Is cha d' fhuair i mo chràmhan a' chàradh 'san ùir.