GF346i06 LEIG DHÌOT AN CADAL Beulaiche: Seumas Mhìcheil Mhurchaidh | Jim Francis MacNeil Séist: Leig dhìot an cadal is tionndaidh rium, Mi gun mhire, gun aire is mo làmh air an stiùir, Leig dhìot an cadal is tionndaidh rium. 'S ann aig ceann Loch na Béisteadh a shìn i air séideadh, Bha mis' agus m' eudail a' (reubadh?) nan stùc. Le ceann Loch na Madainn a shìn i air sadadh Bha fhairg' is clach-mheallainn a' dalladh mo shùil. Gu bheil Muireann mo ghràidhs' a nì Murchadh mo bhràthair A' stiùireadh am bàta is a' càradh na siùil. Gur e truagh le mo mhàthair a ghiùlan trì ràithean Is cha d' fhuair i mo chràmhan a' chàradh 'san ùir.