Turas an Ànraidh
A’ chiad sreath | First Line
Tar-sgriobhadh | Transcription
GF343i03 TURUS AN ÀNRAIDH
Beulaiche: Mairead bean Ruairidh Iagain Ruairidh | Margaret MacLean
Bàrd: Am Bàrd Ruadh , Lachlann MacMhuirich | Lachlann Currie
[Séist:] Haidh o hùraidh, horo chall,
Haidh o hùraidh, horo chall,
Haidh o hùraidh, horo chall,
Gur e turas an ànraidh a chuir mo nàbaidh air chall.
An cuala sibhse mun duine a chaidh air thuras an ànraidh?
Chaidh e shealltainn air nighneag gu bhith bruidhinn 's a' baran;
Thàinig ceò air an oidhche 's cha robh lainntirean làmh ris,
'S cha robh cadalach [loinne?] ach tha na suampa nam màgan.
Gu robh Sìne gun smaointinn 's i na suaine 'sa leabaidh,
Gu robh Iain 's an t-suampa 's e dol mun cuairt gus na stad e,
Ann an tomanan luachrach 's ann a' fuar-uisge cladach,
'S cha robh cadalach truagh dheth 's gun aige cluasag ach maide.
'S nuair a dh'éirich a' ghealach gu robh e an dòchas,
Gun dèanadh e cùrsa far na luathaich an ceò air,
Gun cuala e sin starban air an tarbh Aonghais Dhòmhnaill,
E dol seachad air droighnich ann an coill' Ruairidh Sheòrais.
Thachair feadhainn ri Iain e air tighinn far an céilidh,
Air an stad air an rathad 's ann a ghabh iad gach sgeula,
Labhair fear dhiubh gu stairneil ann an canail na Beurla:
"You are just on my farm, but very far from your station."
Ach, Iain, a ghràidh, nach fhaod an t' fhalt sin mud chluasan,
Bha thu riamh ann an nàbachd gu bheil mi 'g [ràiteach?] mun cualas,
Cha bu chlann thu ri fhaodainn gu bheil [?] mun cuairt dhut,
'S math a dh'iomradh tu bàta ged a h-àraich a' suamp' thu.
Ma 's e breug tha mi 'g innse cha bhi brìgh ás an òran,
'S fheudar sguireadh, tha tìm a fhuair mi mìle gu leòr leis,
Comhairl' bheirinn air suirghe gun bhith muigh ás an anmoch.
[BREAK IN TAPE]
Ma 's e breug tha mi 'g innse cha bhi brìgh ás an òran,
Feumar sguireadh tha tìm a fhuair mi mìle gu leòr leis,
Comhairle bheirinn air suirghe 's bhiodh sin iomchaidh gu leòr dhomh,
Gun bhith mo gheasan anmoch ma tha e an tachairt ris bòcan.