GF343i03 TURUS AN ÀNRAIDH Beulaiche: Mairead bean Ruairidh Iagain Ruairidh | Margaret MacLean Bàrd: Am Bàrd Ruadh , Lachlann MacMhuirich | Lachlann Currie [Séist:] Haidh o hùraidh, horo chall, Haidh o hùraidh, horo chall, Haidh o hùraidh, horo chall, Gur e turas an ànraidh a chuir mo nàbaidh air chall. An cuala sibhse mun duine a chaidh air thuras an ànraidh? Chaidh e shealltainn air nighneag gu bhith bruidhinn 's a' baran; Thàinig ceò air an oidhche 's cha robh lainntirean làmh ris, 'S cha robh cadalach [loinne?] ach tha na suampa nam màgan. Gu robh Sìne gun smaointinn 's i na suaine 'sa leabaidh, Gu robh Iain 's an t-suampa 's e dol mun cuairt gus na stad e, Ann an tomanan luachrach 's ann a' fuar-uisge cladach, 'S cha robh cadalach truagh dheth 's gun aige cluasag ach maide. 'S nuair a dh'éirich a' ghealach gu robh e an dòchas, Gun dèanadh e cùrsa far na luathaich an ceò air, Gun cuala e sin starban air an tarbh Aonghais Dhòmhnaill, E dol seachad air droighnich ann an coill' Ruairidh Sheòrais. Thachair feadhainn ri Iain e air tighinn far an céilidh, Air an stad air an rathad 's ann a ghabh iad gach sgeula, Labhair fear dhiubh gu stairneil ann an canail na Beurla: "You are just on my farm, but very far from your station." Ach, Iain, a ghràidh, nach fhaod an t' fhalt sin mud chluasan, Bha thu riamh ann an nàbachd gu bheil mi 'g [ràiteach?] mun cualas, Cha bu chlann thu ri fhaodainn gu bheil [?] mun cuairt dhut, 'S math a dh'iomradh tu bàta ged a h-àraich a' suamp' thu. Ma 's e breug tha mi 'g innse cha bhi brìgh ás an òran, 'S fheudar sguireadh, tha tìm a fhuair mi mìle gu leòr leis, Comhairl' bheirinn air suirghe gun bhith muigh ás an anmoch. [BREAK IN TAPE] Ma 's e breug tha mi 'g innse cha bhi brìgh ás an òran, Feumar sguireadh tha tìm a fhuair mi mìle gu leòr leis, Comhairle bheirinn air suirghe 's bhiodh sin iomchaidh gu leòr dhomh, Gun bhith mo gheasan anmoch ma tha e an tachairt ris bòcan.