Back to recordings
Fàil i fàil ò
A’ chiad sreath | First Line
Tar-sgriobhadh | Transcription
GF343i02 FÀIL I FÀIL Ò
Beulaiche: Mairead bean Ruairidh Iagain Ruairidh | Margaret MacLean
[Séist:] Fàil i fàil ó,
O hu ri ho rò hé ro,
Fàil i fàil ó.
'N àm dhomh teàrnadh Beinn a' Cheathaich.
Có thachair rium ach na fearaibh.
Bha ann Dòmhnall òg 'ic Ailein.
Agus Aonghas mór na h-àirigh.
Sin an sgeul a rinn mo chàireadh.
'S goirt a' chìs an-diugh air m' aire.
Tha mar bhliadhna rium gach latha.
Chan fhaigh mise tàmh na cadal.
Ach aig gruagach cinn gun [amharas?].
Dh'fhàg mo bhràthair air long na mara.
Nam biodh agamsa bàt'-aiseig.
Agus gillean dhèanadh faireadh.
Shiubhlainn an cuan uain' air m' aineol.