GF343i02 FÀIL I FÀIL Ò Beulaiche: Mairead bean Ruairidh Iagain Ruairidh | Margaret MacLean [Séist:] Fàil i fàil ó, O hu ri ho rò hé ro, Fàil i fàil ó. 'N àm dhomh teàrnadh Beinn a' Cheathaich. Có thachair rium ach na fearaibh. Bha ann Dòmhnall òg 'ic Ailein. Agus Aonghas mór na h-àirigh. Sin an sgeul a rinn mo chàireadh. 'S goirt a' chìs an-diugh air m' aire. Tha mar bhliadhna rium gach latha. Chan fhaigh mise tàmh na cadal. Ach aig gruagach cinn gun [amharas?]. Dh'fhàg mo bhràthair air long na mara. Nam biodh agamsa bàt'-aiseig. Agus gillean dhèanadh faireadh. Shiubhlainn an cuan uain' air m' aineol.