E ho rithill ù hill ó
A’ chiad sreath | First Line
Tar-sgriobhadh | Transcription
GF335i02 E HO RITHILL Ù HILL Ó
Beulaiche: Eòs Nìll Bhig | Joe Neil MacNeil
Tha rannan do dh'òran luaidh a'seo a chuala mi aig Murchadh
Mac Uaraig turus a bha e aig an taigh 's bha e 'g innse mu
dheidhinn luadh aig a robh e 's bha caraide dha fhéin ann a
sheinn òran agus sheinn e dhomhsa beagan rannan dhe'n òran ach
tha mi smaointinn nach d' rinn e ach rann a'siod 's a'seo a
thogail.
Séist: E a rithill ù hill ó
Ho hó hi ù ro bhó
E a rithill ù hill ó
1. An cuala sibh ma dh'éirich dhomhs'
2. Nuair a dh'fhalbh mi leis an dròbh
3. Air long mhór nan seachd seòl
4. Bhrist an acuinn, shrac a' seòl
5. Chaidh is' a ruiginn a' chruinn mhóir
S an uair sin thionndaidh e:
6. Chaill mi mo thriùir bhràithrean òg'
7. Air a'chladach marbh gun deò
8. Cha ghiùlain an cas am bròg
9. Cha ghiùlain an com an còt'
Agus chuir e crìoch air aige sin. 'S ann bho sheanmhair ...
feuch an nist ach an cuimhnich mi air an fhonn a bh'aige. Bha
fonn beag air mar gum biodh òran luaidh cuideachd:
A rithill eò
Hoireann ó hi rithill ù
B’e sin a’ fonn air.
Notes (fieldnotes):
"SOURCE: MURCHADH SHEUMAIS CEANADACH"