GF335i02 E HO RITHILL Ù HILL Ó Beulaiche: Eòs Nìll Bhig | Joe Neil MacNeil Tha rannan do dh'òran luaidh a'seo a chuala mi aig Murchadh Mac Uaraig turus a bha e aig an taigh 's bha e 'g innse mu dheidhinn luadh aig a robh e 's bha caraide dha fhéin ann a sheinn òran agus sheinn e dhomhsa beagan rannan dhe'n òran ach tha mi smaointinn nach d' rinn e ach rann a'siod 's a'seo a thogail. Séist: E a rithill ù hill ó Ho hó hi ù ro bhó E a rithill ù hill ó 1. An cuala sibh ma dh'éirich dhomhs' 2. Nuair a dh'fhalbh mi leis an dròbh 3. Air long mhór nan seachd seòl 4. Bhrist an acuinn, shrac a' seòl 5. Chaidh is' a ruiginn a' chruinn mhóir S an uair sin thionndaidh e: 6. Chaill mi mo thriùir bhràithrean òg' 7. Air a'chladach marbh gun deò 8. Cha ghiùlain an cas am bròg 9. Cha ghiùlain an com an còt' Agus chuir e crìoch air aige sin. 'S ann bho sheanmhair ... feuch an nist ach an cuimhnich mi air an fhonn a bh'aige. Bha fonn beag air mar gum biodh òran luaidh cuideachd: A rithill eò Hoireann ó hi rithill ù B’e sin a’ fonn air.