An Cullach Breac
A’ chiad sreath | First Line
Tar-sgriobhadh | Transcription
GF333i08 AN CULLACH BREAC
Beulaiche: Eòs Nìll Bhig | Joe Neil MacNeil
Seòrsa do dh'òran a seo chuala mi, 's ann air fonn "Cabar Féidh" a tha e. Chuala mi aig caochladh fheadhainn e ach 's ann aig Mìcheal Mac Illeathan, Mìcheal Iain Chaluim a chuala mi barrachd dheth.
An cullach breac a bh' aig mo mhac
A bhrist an fheansa stumpaichean
Gun d' leig e 'staigh a sia neo seachd dhiubh
Ann an clais an iomaire
Ma nì mi an ceart mar tha nam bheachd
Gun toir mi 'mach an sumonadh
Sherrif a chuir g'an ionnsaigh
'S bidh cùirt mu na cuilichean
Tha muc na tòine caoileadh
'S a naoi aice a dh' uirceanan
A h-uile h-aon cho caol
'S gura h-aogas ri fhaicinn e
Chan fhaicear dad an oir an teine
Mur bidh beagan brochain ann
Ga chuir a-mach mar dheirce
Dha fhéin 's dha cuid iseanan
Sin mar a bh' aige, na bh' aige-san air, co-dhiù.
Notes (fieldnotes):
"SOURCE: MÌCHEAL MAC'ILLEAIN"