GF333i08 AN CULLACH BREAC Beulaiche: Eòs Nìll Bhig | Joe Neil MacNeil Seòrsa do dh'òran a seo chuala mi, 's ann air fonn "Cabar Féidh" a tha e. Chuala mi aig caochladh fheadhainn e ach 's ann aig Mìcheal Mac Illeathan, Mìcheal Iain Chaluim a chuala mi barrachd dheth. An cullach breac a bh' aig mo mhac A bhrist an fheansa stumpaichean Gun d' leig e 'staigh a sia neo seachd dhiubh Ann an clais an iomaire Ma nì mi an ceart mar tha nam bheachd Gun toir mi 'mach an sumonadh Sherrif a chuir g'an ionnsaigh 'S bidh cùirt mu na cuilichean Tha muc na tòine caoileadh 'S a naoi aice a dh' uirceanan A h-uile h-aon cho caol 'S gura h-aogas ri fhaicinn e Chan fhaicear dad an oir an teine Mur bidh beagan brochain ann Ga chuir a-mach mar dheirce Dha fhéin 's dha cuid iseanan Sin mar a bh' aige, na bh' aige-san air, co-dhiù.