Am Fear a Sguir dha 'n Òl
A’ chiad sreath | First Line
Tar-sgriobhadh | Transcription
GF333i06 AM FEAR A SGUIR DHA 'N ÒL
Beulaiche: Eòs Nìll Bhig | Joe Neil MacNeil
Uh, rannan, seo òran a chuala mi aig Dòmhnall Mac 'Illeathain. Tha e coltach gur e fear a bha sguir dhe 'n òl a bh' ann. Tha e coltach nach robh gnothaichean a' dol gu math dha 's thuirt 'ad,
Gu dearbh cha téid mi tuilleadh ann
Gu dearbh cha téid mi tuilleadh ann
Cha ghabhadh na làmhan 's cha phàigh mi dhà
Bho 'n shabhail mis' an turas seo
'Sa mhadainn bidh mi muladach
'Smaointinn air a h-uile rud
Ás mo bheul cha tig an sgeul
'S mi 'g éisdeachd ris na chluinneas mi
O 'n ràna mi na cruinneagan
Gu robh mo cheann air thurraman
Mo chasan mall a-null 's a-nall
'S gun d' thug na bh' ann chan urrainn dhomh
Sin thu mar a chuala mis' e.
Notes (fieldnotes):
"SOURCE: DOMHNALL CHALLUM IAIN"