GF333i06 AM FEAR A SGUIR DHA 'N ÒL Beulaiche: Eòs Nìll Bhig | Joe Neil MacNeil Uh, rannan, seo òran a chuala mi aig Dòmhnall Mac 'Illeathain. Tha e coltach gur e fear a bha sguir dhe 'n òl a bh' ann. Tha e coltach nach robh gnothaichean a' dol gu math dha 's thuirt 'ad, Gu dearbh cha téid mi tuilleadh ann Gu dearbh cha téid mi tuilleadh ann Cha ghabhadh na làmhan 's cha phàigh mi dhà Bho 'n shabhail mis' an turas seo 'Sa mhadainn bidh mi muladach 'Smaointinn air a h-uile rud Ás mo bheul cha tig an sgeul 'S mi 'g éisdeachd ris na chluinneas mi O 'n ràna mi na cruinneagan Gu robh mo cheann air thurraman Mo chasan mall a-null 's a-nall 'S gun d' thug na bh' ann chan urrainn dhomh Sin thu mar a chuala mis' e.