Back to recordings
Rann aig Blackie
A’ chiad sreath | First Line
Tar-sgriobhadh | Transcription
GF329i03 RANN AIG BLACKIE
Beulaiche: Tearlach Eóghainn a’ Mhuilein | Charles MacEachern
[Charles MacEachern:]
"Ciamar a tha thu, Bhlackie?
Chan eil mis' ach fann,
Tha mo shùileanan 'cladhach,
A-staigh ann am cheann,
Tha mo ghlùineanan falamh,
Mo chasan a' fàs cam,
Ciamar a bheir mi seachad bainne,
'S gun a' fodar ann?"
Mar sin e. [BREAK IN TAPE] Bha uair a bha, bha uair a bha duine ann agus bha e fìor gann, toiseach an t-samhraidh, agus 's chaidh e 'mach a' bhleoghainn a' chruidh, a' mhairt, agus thionndail am mart mun cuairt thuirt am mart leis nach b' urrainn dhi bainne a thoirt seachad, nach robh feur ann. Nach eil sin e?
[John Shaw:] 'S e.