GF329i03 RANN AIG BLACKIE Beulaiche: Tearlach Eóghainn a’ Mhuilein | Charles MacEachern [Charles MacEachern:] "Ciamar a tha thu, Bhlackie? Chan eil mis' ach fann, Tha mo shùileanan 'cladhach, A-staigh ann am cheann, Tha mo ghlùineanan falamh, Mo chasan a' fàs cam, Ciamar a bheir mi seachad bainne, 'S gun a' fodar ann?" Mar sin e. [BREAK IN TAPE] Bha uair a bha, bha uair a bha duine ann agus bha e fìor gann, toiseach an t-samhraidh, agus 's chaidh e 'mach a' bhleoghainn a' chruidh, a' mhairt, agus thionndail am mart mun cuairt thuirt am mart leis nach b' urrainn dhi bainne a thoirt seachad, nach robh feur ann. Nach eil sin e? [John Shaw:] 'S e.